Search

Gaelcast ann an Ottawa aig Mòd Canada

Posted by liam on November 25th, 2009

Chaidh sgioba Gaelcast gu Ottawa, prìomh-bhaile Canada, airson a’ chiad mhòd naiseanta riamh a chaidh a stèidheachadh anns an dùthaich. Abair gun do chòrd a h-uile sian rinn – bhruidhinn sinn mu dheidhinn a’ mhòid anns a’ bhideo seo, agus tha dealbhan ri fhaotainn air Facebook. Thig podcraoladh a-mach ann an ùine ghoirid.

The Gaelcast team went to Ottawa, Canada’s capital, for the first national mòd in that country. We had a great time — we talk about the mòd in this video, and photos are available on Facebook. A podcast will follow shortly.

Ag Ionnsachadh Gàidhlig – comhairle mhath do phàrantan.

Posted by micheal on November 13th, 2009

Tha Fionnlagh MacLeòid, a thòisich CNSA agus Taic, a’ tighinn a-mach le comhairle mhath do phàrantan – ionnsaichibh Gàidhlig mus tòisich sibh teaghlach. Tha goireasan aige cuideachd a tha e a’ tabhainn airson sin a thoirt gu buil. Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh post-dealain thuca:Duilleag-dhachaidh Taic

Gheibh sibh an rud a sgrìobh Fionnlagh agus D. Farber, a tha a’ toirt iomradh air a h-uile sian, ann a seo: Ag ionnsachadh Gàidhlig mus rugadh leanabh

Tasgaidh na h-Alba?

Posted by micheal on November 6th, 2009


Seo beachd Mhìcheil, an àite naidheachd no fiosrachadh, mu cheist a nochd o chionn ghoirid. ‘S i a’ cheist, “Carson a tha riaghaltas na h-Alba a’ cosg airgead mhòr do’n t-sianal Gàidhlig, agus do’n Ghàidhlig co-dhiù, nuair nach eil ann ach glè bheag de dhaoine a tha ga bruidhinn?” Uill, dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallach…adh do dh’Alba, agus dè a bu chòir dhi ciallachadh? Gheibh thu smuaintean Mhìcheil aig a’ phìos a tha shuas air YouTube.

HNVI agus Gainnead Vaccine ann an Bhirginia

Posted by liam on October 27th, 2009

A bheil sibhse fo iomghain mu H1N1? Tha sinn uile an dòchas gum bi sinn deiseil ma thig e, ach chan eil a h-uile h-àite deiseil an dràsda — ann an Bhirginia, tha gainnead de “vaccine” ann – dè tha sin a’ ciallachadh? Seo Micheal Mac Aoidh, ag aithris air YouTube agus Gaelcast FB (Facebook).

Are you worried about H1N1? We all hope we’ll be ready if it comes, but not every place is ready now — in Virginia, there is a shortage of vaccine — what does that mean? Here’s Micheal Mac Aoidh, reporting on YouTube and Gaelcast FB (Facebook).

Gaelcast air Facebook: Gaelcast on Facebook

Posted by liam on October 15th, 2009

Gheibhear cothrom bhruidhinn ri Gaelcast agus criomagan de naidheachd fhaighinn bhuainn air Facebook a-nise. Rannsaichibh airson “Gaelcast” air Facebook agus gheibheadh sibh ar duilleagan! Ma ‘s e neach-leanmhainn de Ghaelcast a th’annad, b’urrainn dhut sgrìobhadh thugainn agus còmhradh a thogail troimh Facebook cuideachd – deagh-chothrom a bhith pàirteach ann an Gaelcast agus na prògramman agus tachartasan againn.

Gaelcast is now on Facebook! This is a new and exciting way for us to interact with our audience. If you’re a fan of Gaelcast, you’ll be able to communicate with us and take part in the Gaelcast community through Facebook. You’ll be able to post photos, ask questions and start or join discussions with Liam, Micheal and Ed. Just search for our fan page and join in. You’ll be more than welcome — Bidh fàilte agus fùran romhad!

Prògramman Ùra — New Programs

Posted by liam on September 20th, 2009

As deaghaidh uair a bha ro-fhada, agus sinne ro-thrang ag obair agus ag ionnsachadh, bidh sgioba Gaelcast a’ tighinn air ais a dh’aithghearr le sreath ùr de phrògramman ann an nòs ùr. “Bhideo” a bhi ann, agus gheibhear filmichean agus podcraolaidhean agus dealbhan agus sgrìobhadh air an làrach-lìn againn.

After a long, work and school-enforced hiatus, the Gaelcast team will soon be back with a new series of programs in a new format. We are going video, and the new programs will feature both video and audio components as well images and text in Gaelic and English on our Web site.

Long Lochlannach fo sheòl.

Anns a’ cheud phrògram, ionnsachaidh sinn beagan mu dheidhinn na Lochlannaich agus na Maineannaich — ann am Maryland. Chaidh sinn a-mach a’ seòladh còmhla ri sgioba “Lochlannach” agus còmhlan Maineannach anns an sgìre againn fhìn.

trio1.jpg

Chan e a h-uile latha a bhiodh mòd aig Mac an Tòisich, agus chan e a h-uile latha a gheibhear cothrom mar seo idir!

In the first program, we will learn a bit about the Vikings and the Manx — in Maryland. We went out sailing with a “Viking” crew and a Manx group in our own region. As the saying goes, it’s not every day Macintosh has a mòd, and it’s not every day you get a chance like this one!

Anns na prògramman sa teachd, bidh sinn a’ coimhead air cuspairean eile. Thig air ais a dh’aithghearr!

In the programs to come, we’ll be dealing with other programs. Come back soon!