Search

Barack Obama Dealbh le Beth Rankin (Flickr)

Thàinig an latha a bha feadhainn a’ fantainn ris o chionn fhada — tha ceann-suidhe ùr againn anns na Stàitean Aonaichte. Tha Barack Obama anns an Taigh Geal, agus chaidh Seòras Bush air ais gu Texas.

Tha John McCain fhathast anns an t-Seanadh, far am bi e gu math cuideachail, à-rèir coltais, gu Ceann-suidhe Obama, ged tha sin doirbh ri creidsinn nuair a smaoinichear air cho mòr a bha e na aghaidh trì mìosan air ais.

Tha mòran daoine air feadh an t-saoghail — mi fhìn nam measg — gu math toilichte gun do bhuannaich Obama agus gu bheil e anns an Taigh Geal a-nise. Cuiridh e an dùthaich air chùrsa cheart ’nam bheachd.

Ach tha mòran ann nach eil toilichte. Thaobh iad ri McCain agus Palin anns an taghadh — 56.9 millean dhiubh (thaobh 64.6 millean ri Obama). Tha iad a’ fuireachd air feadh na dùthcha, gu h-àraid anns an tuath ann an stàitean mar Alabama agus Arkansas, South Carolina agus North Dakota, Oklahoma agus, gun teagamh, Alaska.

Ach tha cothrom ann gun tig Poblachdaich agus Democrataich ri chèile ann an Congress agus air feadh na dùthcha anns an uair dorcha seo – agus tha e dorcha ann an dà-rìreabh. Airson greis, cò-dhiubh.

Mar a thuirt Obama an t-seachdainn sa chaidh,

“Each of us in public life has a responsibility to usher in a new season of cooperation built on those things we hold in common. Not as Democrats. Not as Republicans. But as Americans.”

Dè ur beachd fhèin? Dè bu chòir dha Obama dhèanamh an toiseach? Ris an eaconomaidh? Thall thairis?

Cà robh sibh air an 20mh? Aig àm an Inauguration?

Ma bhios sibh a’ fuireachd ann an Alba neo àite eile taobh a-muigh na Stàitean Aonaichte, dè bha sibh a’ smaoineachadh?

Bhithinn toilichte ur beachdan a chluinntinn.

Liam Ó Caiside
liam.jpg

7 Responses to “Ceann-Suidhe Nuadh, Toiseachadh Ùr?”

Tha mi dìreach air am blog agad a leughadh, agus tha mi ag aontachadh leat! ‘S e atharrachadh mòr a th’ againn, agus ‘s ann math a tha e nam bheachdsa. Leugh mi aithisg caran mionaideach an diugh mu dheidhinn phlanaichean aig Obama a chòrdadh rium, agus tha e air tòrr rudan a dhèanamh mar tha a tha cudromach dhomhsa. ‘S e an rud as luachmhoire, ‘s dòcha, gu bheil sinn uile a’ faireachdainn dòchasach agus deiseil a bhith ag obair le chèile. le dùrachd, Sìne P.

Hi Liam,

Tha mi toilichte cuideachd gun do bhuannaich Obama. Aig an am seo, feumaidh sinn atharrachadh mor, nam bheachd-sa, co-dhiu. Chan eil a-mhain gu bheil Obama dubh no og. Tha mi a’ smaoineachadh (air neo, tha mi an dochas) nach eil e “selfish”, mar luchd-politeags eile. Bha mi fhin is mo bhean a’ coimhead Inauguration air an Tbh aig an 20mh. ‘S e latha eachraidheil cudromach a bh’ ann, agus cha robh sinn airson a call e.

Mòran taing a Shine, a Chaluim agus a Dhòmhnaill. Deagh smuaintean.

Deagh-phuing mu dheidhinn Guantanamo, a Chaluim. Tha e inntinneach ciamar a thoisich Obama ri polasaidhean cèin ùra a chur an ordugh air a’ chiad latha aige anns an Taigh Geal. Bha mi smaoineachadh gum b’fheudar dha polasaidhean eaconomach a chur air dòigh an toiseach, ach chan fhan an saoghail agus cha sheas an uair airson duine sam bith … Dh’fheumadh dha cheann-suidhe dèileagadh ri iomadh cuspair aig an aon àm – mar a thuirt Obama anns na deasbadan.

Feumaidh mi aideachadh, Don, gun do choimhead mi a mhionnachadh a-steach air an telebhisean cuideachd – ged tha mi fuireachd gu math faisg air Washington.
Dhùn iad a h-uile drochaid eadar Virginia agus Washington agus cuid de na rathaidean – bha e gu math doirbh thighinn a-steach dhan bhaile an latha siod. Agus bha e uamhasach fuar (airson Washington, cò-dhiubh)!
Chaidh mi mu thimcheall Alexandria a’ dèanamh cèilidh air caraidean agus a’ còmhradh mu dheidhinn na tachartasan agus dè cho sonraichte a bha an latha. Agus bha rudeigin blàth againn ri òl, bho àm gu h-àm …

Ged a tha mise den bheachd nacheil mòran diofar cò am pàrtaidh aig am bheil làmh an uachdar anns na Stàitean, dìreach mar Breatainn, bha làn thìde Seòras Bush bhi air a ruaigeadh as an dreuchd mar cheann-suidhe. Dh’fheumadh e falbh an dèidh ochd bliadhna co-dhiù, ach ’s ann a bha a’ mhearachd mhòr ann gun d’fhuair e steach an dèidh a’ chiad ceithir bliadhna, agus an sluagh air faicinn nach robh mòran feum ann, agus gu dearbha, gur e duine cunnartach a bh’ ann a bhi anns an dreuchd. Ged a bha e fhèin na ablach, bha feadhainn eile air a chùlaibh nach b’ urrainn làmh a dhèanamh ann an sgeileid, gun luaidh air a bhi nam pàirt de riaghaltais!

Saolaidh mi gur e duine comasach dha rìreabh a th’ ann an Obama, ach tha mòran dhuilgheadas aige air a bheulaibh, agus chan ann an diugh no màireach a ghabhas cùisean an cur ceart. Feumaidh foighidinn a bhi aig sluagh na Stàitean, agus dh’fhaodadh gun toir e ceithir bliadhna mus tig faicinn an eaconomaidh a’ dol am feabhas. Tha’n cron air a dhèanamh anns an Ear Mheadhanach, agus bidh obair mhòr aige an sin cuideachd, a’ feuchainn ri cùisean fhaighinn nas rèidh na tha iad.

Mar a thuirt e fhèin, tha feum air gach neach obrachadh còmhla airson an dùthaich fhaighinn air ais air a casan.

Tapadh leibh, a Dhòmhnaill – mar a thuirt sibh, “chan ann an diugh no màireach a ghabhas cùisean an cur ceart.” Agus tha cùisean sìor-fhàs nas miosa a thaobh an eaconomaidh, cò-dhiubh … Agus chan ann anns na Stàitean a-mhàin ach air feadh an t-Saoghail.

‘S mòr mo dhòchas nach mair an seacadh eaconomach ceithir bliadhna, ach cò aig a tha fios?

Chuala mi oraid Obama, bha e a-mach air an aràinneachd agus a h-uile càil a bha fa-near dha. Saoilidh mi gu bheil e ceart, feumaidh a h-uile cail atharrachadh. Chan ann ach mar sin a bhios cothrom sam bith dhuinn tighinn as an staing a tha mu timcheall oirnn. Chan urrainn don chruinne-cè tuilleadh fulaing. Chan eil dòigh eile ann gus ceartas fhaighinn, mur a leanas sin slighe Obama bidh cumhachd ola fhathast os cionn mhic an duine agus a h-uile olcas na luib nas motha. Gur math a thèid leat Mgr Obama. Abair thusa gum bi obair cruaidh aig an t-seirbheis dhìomhearachd ge-tà, cha bhi gainnead dhaoine airson peileir a chur na cheann air sgath ‘s nach bi a leithid saoghal ur Obama a tha air faire a’ còrdadh riutha.

Something to say?