Search

Faodaidh sibh Gaelcast 34 fhaighinn an seo (click here to download Gaelcast 34).

Fàilte air ais, a chàirdean. Chan eil ach seachdainn air fhàgail anns na Stàitean gus an tig an cò-dhùnadh againn as cudthromach, ’s dòcha, ann an iomadh bliadhna: an taghadh 2008.

Welcome back, friends. There is only a week left in the United States before our most important decision, perhaps, in many years: the 2008 election.

Cò bhuannaicheas, John McCain neo Barack Obama? Cò aig a tha fios? ’S beag a tha dh’fhios againn!

Who will win, John McCain or Barack Obama? Who knows? It’s little we know!

Ach bhruidhinn sinn mu na taghaidhean ri Micheal Bochanan, neach-naidheachd aig a’ BhBC ann an Lunnain. Chaidh Bochanan ùine seachad ann an Washington, agus tha e gu math eòlach air dòighean phoiliteagach nan Stàitean.

But we spoke about the elections with Michael Buchanan, a reporter with the BBC in London. Buchanan spent time in Washington, and he knows American politics well.

Dh’fhaighneachd sinn dheth ciamar a tha na h-Albannaich agus na Breatannaich gu lèir a’ coimhead air na taghaidhean agus dè tha iad a’ smaoineachadh mu na tagraichean.

We asked him how the Scots and the British as a whole look on the elections and what they think about the candidates.

Tha sinn an dùil ’san dòchas gum biodh na thuirt e glè-ùidheil dhuibh!

We expect and hope that what he said will be very interesting to you!

Do ar càirdean ann an Canada, meal-ur-naidheachd: tha an taghadh agaibhse seachad. Agus ma ’s e anns na Stàitean a tha sibh: bhòtaibh!

To our friends in Canada, congratlulations: your election is over. And if you’re in the States: vote!

One Response to “Prògram 34”

Halo Liam agus a Mhichael,

Moran taing airson program math eile. ‘S ann gle innteanach a bh’ ann, mar is abhaist.

Tha mi toilichte a-nis gum b’urrainn dhomh tuigsinn tuilleadh aig an am seo. Uill, feumaidh mi radh gun robh mi a’ tuigsinn moran na bha an dithis agaibh ag radh. Bha e doirbh dhomh Michael Bochanan a thuigsinn. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh e a’ bruidhinn beagan ro luath dhomh. Bidh mi ag eisteach a-rithist uair no dha. ‘S docha gum bi e a’ fas nas fhasa. Co-dhiu…

Tha mi airson rudeigin a sgriobhadh air a chuspair:

‘S ann mor a tha an diofar eadar an da pharties dhuinne (daoine anns na Staitean). Air an laimh eile, nuair a bha mi a’ fuireach anns a Roinn Eorpa, o chionn corr is coig bliadhna ar fhichead, bha na daoine ag innse dhomh gu robh iad uile (an da pharties) “capitalists”. Chan robh diofar mor ann eatarra dhuibh.

Air sin a radh, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil diofar mor agus cudromach eadar an da tagraichean ann aig an am seo.

Gabhaibh mo leigeul airson post-d ro fhada…

Le meas,
Don Laliberty

Something to say?