Fàilte, a chàirdean, gu Gaelcast. Welcome, friends, to Gaelcast.
Tha sinn air ais as dèidh ùine ro-fhada gu lèir le sreath de phrògramman ùra. Tòisichidh sinn le còmhradh eadar Micheal agus Liam mu dheidhinn — dè eile — phoileataigs. Bruidhnidh sinn greiseag mu na taghaidhean agus na tagraichean anns na Stàitean Aonaichte. Ciamar a tha cùisean a’ dol airson nan tagraichean? Dè ur beachd fhèin?
We’re back after too long a time altogether with a series of new programs. We’ll begin with a conversation between Michael and Liam about — what else — politics. We’ll speak a bit about the elections and the candidates in the United States. Are how things going for the candidates? What’s your own opinion?
As dèidh sin, thèid sinn gu taigh a’ cheud chinn-suidhe, George Washington, còmhla ri Liam agus Pòl MacCalluim à Uibhist a Deas. Bha Pòl ann an Washington airson Mòd Naiseanta Aimearagaidh, far an robh e na bhritheamh, agus chuir e latha seachad còmhla ri Liam ann an Alexandria agus Mount Vernon, Virginia. Dè na smuaintean a bh’aige?
After that, we’ll go to the home of our first president, George Washington, along with Liam and Paul McCallum of South Uist. Paul was in Washington for the U.S. National Mòd, where he was the adjudicator, and he spent a day with Liam in Alexandria and Mount Vernon, Virginia. What were his thoughts?
Èistibh agus ionnsachaidh sibh. Cluinnidh sinn òran bhuaithe, cuideachd.
Listen and learn. We’ll hear a song from him, as well.
A bharrachd air sin, thig sinn air ais le prògram eile a’ tighinn a-mach a dh’aithghearr. Anns an ath-phrògram, bruidhnidh sinn ri Micheal Bochanan, neachd-naidheachd aig a’ BhBC ann an Lunnain, mu na taghaidhean.
In addition, we’ll be back with a new program shortly. In the next program, we’ll speak with Michael Buchanan, a reporter with the BBC in London, about the elections.
Faodaidh sibh Gaelcast 33 fhaighinn an seo. (Click here to download our 33rd program.)
Mealaibh ur naidheachd agus taing mhòr airson Gaelcast ath-bheothachadh. Tha na prògraman roimh fhathast math son èisteachd, ach tha sinn air a bhith a’ feitheamh ri fear ùr co-dhiù. Chòrd am prògram seo rium.
Left by Jeanne Pendergast on September 25th, 2008