Search

Chaidh sinn gu Latha na Gàidhlig ann an Alexandria, Va., faisg air Washington agus thachair sinn ri Gillebride Mac ‘Ille Mhaoil, an t-seinneadar à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas. Thàinig Gillebride a-null air turas mu thimcheall na Stàitean – bha e ann an Ohio far an deach e gu Mòd nan Lochan Mòra, mu thimcheall Washington agus ann an Carolina a Tuath, far an do theagasg e Gàidhlig agus òrain Gàidhlig aig seachdain tumaidh leis a’ Chomann Gàidhealach Ameireaganach.

We went to a Gaelic Day in Alexandria, Va., close to Washington and met with Gillebride MacMillan, the singer from Gearraidh Bhailteas in South Uist. Gillebride came over on a tour about the States – he was in Ohio where he went to the Great Lakes Mòd, around Washington and in North Carolina, where he taught Gaelic and Gaelic song at an immersion week with the American Gaelic Society.

Bha sinn cho toilichte gun robh e ann agus gun d’fhuair sinn cothrom a bhith bruidhinn ris greiseag, mar a chi sibh anns an bhidio ghoirid seo. Thuirt Gillebride beagan mu dheidhinn a thuras dhuinn agus ghabh e òran fìor-bhòidheach: “A Chailin Mheall Thu Mi.” Gabhaibh tlachd às! Tha sinn an dòchas gun cuir sinn tuilleadh a-mach a dh’aithghearr.

We were delighted he was there and we got the chance to speak with him a bit, as you will see in this short video. Gillebride told us a little bit about his journey and sang a very beautiful song: “A Chailin Mheall Thu Mi” (“Girl, You Have Deceived Me.”). Enjoy it! We hope to put out more before too long.

Dh’fhoillsich Gillebride a’ chiad chlàr, “Thogainn Ort Fonn,” anns an Dùbhlachd 2006. Tha tuilleadh fiosrachaidh ma dheidhinn ri fhaotainn aig http://www.myspace.com/gillebridemacmillan.

Gillebride produced his first record, “Thogainn Ort Fonn,” in December 2006. More information about him is available at the Web site above.

3 Responses to “Gaelcast TV: Gillebride aig Latha na Gàidhlig”

Nach bhfuil an obair a dhe9anann Dennis, ar e1r son, itonach ar fad! Ne1r laga do Che9 thfa, a Dennis! Meas tfa an raibh fir chollaed/fear carnae riamh ann?

I’m out of league here. Too much brain power on display!

I must say, modern Vix looks heaps happier than corporate Vix :)You look divine in red! I can see why Jon is chasing you around!Fab bikini and I love those multicolored platforms! Wow!

Something to say?