Search

Faodaidh sibh an ceathramh Beag is Beag! fhaighinn an seo. (Click here to download the fourth Beag is Beag!)

An turas seo, tha cùis chonnspaideach againn dhuibh, agus thàinig seo bho na naidheachdan o chionn ghoirid – tha e coltach gu bheil coimhearsnachdan beaga air feadh nan Stàitean air fàs car searbh leis na th’ann de dhaoine a tha a’ fuireach ann aig nach eil cead a bhith anns na Stàitean – canaidh sinne “illegal aliens” riù. Tha iad a’ tighinn bho Chanada agus bho Mhexico, ach tha a’ mhor-chuid, a-rèir choltais, a’ tighinn bho’n taobh a deas.

Tha daoine an seo a’ cumail a-mach gu bheil na “h-illegals” a’ toirt sochairean agus airgead air falbh bho na coimhearsnachdan far a bheil iad, agus gu bheil iad a’ tarraing euchoir agus buaradh. Air sàilleamh seo, tha iad, mar a rinn Siorrachd Prince William ann an Virginia, a’ toiseachadh air laghan a chur ann gus sochairean a dhiùltadh dha na daoine a tha fuireach ann gu mi-laghail. Chan fhaigh duine ann am Manassas tòrr rudan gun a bhith a’ dearbhadh gun d’rugadh iad an seo.

Tha seo a’ sealltainn cho dionach ‘s a tha muinntir nan Stàitean a thaobh a’ chuspair a tha seo, agus aig an aon àm, tha daoine anns na coimhearsnachdan “Latino” a’ gluasad cuideachd, a’ caismeachd an aghaidh polasaidhean mar seo airson ‘s gu bheil iad a’ sealltainn gràin-cinnidh dhaibh.

Cuspair doirbh, domhainn, agus tha sinn an dòchas gun tog e deasbad an seo agus nur measg fhìn.

We discuss a controversial topic in our fourth Beag is Beag!: Should local communities – towns, counties and states – within the United States be allowed to refuse public services to illegal aliens? Prince William County and the City of Manassas in Virginia are two jurisdictions trying this route to stem what they claim is a high tide of illegal immigrants sapping taxpayer money from other projects and uses. There’s debate, however, over whether the federal government has jurisdiction over immigration policy. Also, many Latino groups claim racism is involved in some of the restrictions.

It’s a deep subject, and one with worldwide implications, as migration from poorer regions to wealthier ones continues around the globe. What’s your opinion? Write to us and let us know.

Something to say?