Search

Faodaidh sibh an treas Beag is Beag! fhaighinn an seo. (Click here to download the third Beag is Beag!)

Tha sinn air n-ais le pìos goirid mu dheidhinn film gu math goirid a thàinig a-mach air DVD mu dheireadh, “Faire Chaluim Mhic Leòid,” film ann an Gàidhlig bho Eilean Cheap Breatainn.

wcm1.jpg

Cha mhair “Faire Chaluim” ach sia mionaidean, ach chuir iad tuilleadh anns na sia mionaidean na gheibh thu ann an iomadh film fada nas fhaide.

Tha “Faire Chaluim” suidhichte ann an Ceap Breatainn. An toiseach, thachair sinn ri Calum nuair a bha e na dhuine òg, aig innse sgeulachdan mu dheidhinn Baran Mòr na Gaoithe dhan chloinn aige. Ach thionndaidh an t-suidheachadh ann an dìog gus an latha an-diugh. Tha Calum a-nist na bhodach (mar a tha e ‘san dealbh seo). Tha a chlann sgapte, mar a thuirt e, “fad is farsaing,” agus tha e na ònar.

Oidhche dhorcha, stormeil a th’ann agus tha Calum a’ gearan leis a’ Bharan.

“Dè am feum a th’ann an sgeul,” a tha e ga fhoighneachd, “gun luchd-èisteachd?”

Geallaidh Calum gun stad e ’g innse sgeulachdan — “tha mi deis le innse sgeulachdan,” tha e ag ràdh — agus an uair a chanas e sin, stad a chridhe — diùltaidh a chridhe a bhualadh — agus thuit e marbh air an ùrlar.

Agus sin toiseach an fhilm!

Thig a chlann air ais gu Ceap Breatainn agus an t-seann dachaidh, agus chì sinn Seumas, Uilleam agus Mòrag a’ tighinn dhachaidh airson fàire a’ bhodaich bhochd. Ach chuir iad car anns an sgeul nach innis sinn dhuibh …

Dè am feum a th’ann an sgeulachd? ’S dòcha gu bheil feum ann fhathast, à rèir coltais.

’S math an obair a rinn iad nuair a chuir iad an DVD seo ann an cruth. Tha fo-thiotalan ann anns a’ Bheurla agus ann an Gàidhlig cuideachd. Tha tuilleadh do dh’fhiosrachaidh ann mu dheidhinn an fhilm, Gàidhlig, cultar agus ceòl Gàidhealach ann an Ceap Breatainn. Chuir iad na storyboards ann, agus bha iad gu math inntinneach.

Ma’s toigh leibh “Faire Chaluim Mhic Leòid” fhaicinn agus a cheannach, rachaibh gu www.gaelicbooks.com, an làrach-lìn aig Sìol Enterprises ann an Alba Nuaidh. Tha an DVD ri reic an sin airson seachd deug dollar Aimearaigeanach, mu fhichead dollar Canaideanach. Tha fiosrachadh eile mu dheidhinn an fhilm ri fhaotainn aig www.wakeofcalummacleod.ca.

Thig film eile ann an Gàidhlig a-mach a dh’aithghearr ann an Alba – Seachd. Bu choir dhuibh sùil a thoir air seo:

Seachd: The Inaccessible Pinnacle – Official website: www.seachd.com

Something to say?