Search

Faodaidh sibh Beag is Beag! fhaighinn an seo. (Click here to download Beag is Beag!)

Fàilte gu Beag is Beag! prògram ùr aig Gaelcast a bhios nas goiride na Gaelcast fhèin. Chuireadh sinn Beag is Beag! a-mach eadar na prògramman mòra aig Gaelcast agus nuair a bhiodh fiosrachadh neo naidheachd am bu chòir dhuinn a thoirt a-mach gu grad.

Welcome to Beag is Beag! (Little by Little), a new program from Gaelcast that will be a bit shorter than our regular podcasts. We’ll put Beag is Beag out between the larger Gaelcast programs and when we have information or news we should get out quickly.

Anns a’ chiad phrògram dhen t-sreath seo, bruinnidh Liam ri Raonaid Alcorn, manaidsear-margaideachd aig a’ chompanaidh Cànan anns an Eilean Sgìathanach. Tha Cànan cliùiteach airson “Speaking our Language,” ach a-nise tha cùrsa Ghàidhlig ùr aca air an Eadar-Lìon, agus is e sin “Air Splaoid!”

In our first program in this series, Liam speaks with Raonaid Alcorn, marketing manager at the company Cànan on the Isle of Skye. Cànan is famed for “Speaking Our Language,” but now it has a new Gaelic course on the Internet called “Air Splaoid!”

‘S ann airson luchd-ionnsachaidh aig ìre bunaiteach a tha Air Splaoid!, agus bidh Raonaid ag innse do Liam dèn seòrsa cùrsa a th’ann agus dè na goireasan a tha ri fhaotainn aig “Air Splaoid” air an Eadar-Lìon. Agus ionnsachaidh sinn beagan mu dheidhinn a’ charactar “Dwelly.”

“Air Splaoid!” is for learners at a basic level, and Raonaid will tell Liam what type of course it is and what resources “Air Splaoid!” has to offer on the Internet. And we’ll learn a bit about the character “Dwelly.”

A bharrachd air sin, tha Raonaid agus sgioba Chànain a’ dol gu Fèis Eilean Ruma anns a’ mhìos seo. ‘S mòr am beud nach bi sinn ann!

In addition, Raonaid and the Cànan team are going to the Isle of Rum Music Festival this month. It’s a pity we can’t be there!

Ach dè fon ghrèine a tha “Air Splaoid!” a’ ciallachadh? “A’ dol a-mach airson spòrs” neo “adventure” tha sinn a’ creidsinn. Tiugainn agus thèid sinn air splaoid.

But what in the world does “Air Splaoid! mean? “Going out for fun” or “adventure” we believe. Come join us.

Dwelly airSplaoid-logo-colour.gif

Dwelly – caran coltach ri Liam?

Something to say?