Search

Faodaidh sibh Gaelcast 31 fhaighinn an seo. (Click here to download our 31st program.)

Cuspair car trom an turas seo, a chàirdean – seachdain air ais, chaidh dà dheug air fhichead duine a mharbhadh ann an Bhirginia le duine a bha, mar a tha fios againn a-nis, a’ fuiling le tinneas inntinn, agus a bha ann an droch stait bho’n a bha e òg. Tha iomadach ceist ann a-nist air dè bu chòir dhuinn dèanamh ‘s an àm ri teachd – ceistean ann mu ghunnaichean, mu sàbhailteachd nan oilthighean, agus mu’n dòigh a dhèilig Virginia Tech ris an trioblaid. Ach tha sinns a’ dol a bhruidhinn mu rudan nach robhar a’ faighinn cus sgrùdadh – ciamar a tha oilthighean a’ cumail sìth, agus dè seòrsa dàimh a th’aca ris a’ phoileis air an taobh a-muigh? Agus, a bheil cus sgaraidhean ann eadar na roinnean anns an oilthigh, nach leigeadh leotha faicinn gum faodadh an duine a tha seo a’ dol gu ìre far an deanadh e muirt? Ceistean gu leòr, agus gainnead de dh’fhreagairtean – ach tha sinn an dòchas gun tog seo deasbad agus smuaintean. Èisdibh, agus gabhaibh pàirt ann!

A somewhat heavy subject this time, folks – a week ago, 32 people were killed in Virginia by a man that we now know was suffering from mental illness and was that way since he was young. There are many questions now about what we should do from this point on – questions about guns, the safety of universities, and about how Virginia Tech dealt with the problem. But we are going to talk about some things that didn’t get much examination – how are universities keeping the peace, and what kind of connections to they have with the police on the outside? Also, are there divisions between the departments of the universities that prevented those in the university from seeing that this man had gone so far that he could kill people? Plenty of questions, and a real scarcity of answers – but we hope that this will raise some debate and thoughts. Listen, and take part!

An uair sin, tha sinn a’ dol gu Maryland, air an ard-urlar aig imaginationstage.org, far an do choinnich Liam ri buidheann a th’air dealbh-chluich a stèidheachadh, mu dheidhinn a’ ghaisgich Cùchulainn. Ged a ‘s e sgeulachd nas freagarraich, ‘s dòcha, dhan inbhich seach dhan chloinn a th’ann bho thùs, tha a’ bhuidheann seo air obair ionmhalta a dheanamh airson cuspairean math a tharruing a-mach dhan fheadhainn bheaga a tha a’ coimhead air an dealbh-chluich. Tha seo a’ sealltainn cho math agus cho beòthail fhathast ‘s a tha sgeulachdan agus cultar nan Gaidheal. Faodaidh sibh barrachd fios fhaighinn bho http://www.cahootsni.com/.

Then, we go to Maryland, on the stage at imaginationstage.org, where Liam met with a group that has established a play about the hero Cuchulainn. Though this story is perhaps better suited for adults than children,this group has done a laudable effort in bringing out themes that are good for the young ones watching the play. This shows how alive the stories and culture of the Gaels still are! You can get more information about the play from http://www.cahootsni.com/

Mu dheireadh, tha Liam a’ tadhail air Barailt a-rithist airson sealladh fhaighinn air Gaidheltach Cheap Bhreatuinn thar nam bliadhna a chaidh seachad tro beatha Barailt. Gu h-àraid inntinneach, tha an còmhradh aice mu dheidhinn mar a thàinig càraichean a-steach air an eilean, agus leotha, airgead agus feum aig na Gaidheil a dh’obair airson airgead a bhith aca – agus am feum aca air falbh bho’n eilean airson obair. Ann an dòigh, dh’fhaodadh tu ràdh gur ann nuair a thàinig “soidheachd” a-steach, thuit a h-uile sian às a chèile!

Finally, Liam visits Dorothy Pottie again to get a view of Cape Breton through her years there. Especially interesting is the conversation she has with Liam about how cars came to the island, and with them, the need for money and to work for money, and how many had to leave to find better work. In a way, you could say that when “civilization” came in, everything fell apart!

Something to say?