Search

Faodaidh sibh Gaelcast 27 fhaighinn an seo. (Click here to download our 27th program.)

Uill, a Chàirdean, tha sinn air ais, a-measg fuachd a’ Gheamhraidh, ach tha program eile againn airson blathas a thoirt dhuibh. Tha sinn a-mach air deasbad agus buaradh an taghaidh a thachair o chionn mìos, agus tha sinn a’ bruidhinn air gu dè a dh’fhaodadh tachairt ann an Congress nan Stàitean Aonaichte as dèidh dha na Democrataich faighinn a-staigh ann an cumhachd a-rithist. Ach airson rudan nas taitnich na sin, tha sinn a’ dol suas gu tuath airson bruidhinn ri Gaidheil. An toiseach, tha sinn a’ dol gu Canada far an do bhruidhinn Liam ris an ollamh Coinneach Nilsen mu dheidhinn Oilthigh StFX, na cùrsaichean a th’aca an sin, agus goireasan eile a th’aca a thaobh Gaidhlig.

Well, friends, we’re back, in the middle of the cold winter, but we have a new program to keep you warm. We talk about the debate and agitation of the elections that happened a month ago, and we talk about what may happen now that the Democrats have gotten back into power. But for something more pleasant, we go up to Canada, where Liam spoke with Professor Kenneth Nilsen about StFX University, their courses, and other tools they have for Gaelic.

Bu chòir dhuibh sùil a thoirt air Sruth nan Gàidheal neo “Gaelstream,” far am faightear òrain agus sgeulachdan nan ceudan anns a’ Gàidhlig.

You should take a look at “Sruth nan GÃ idheal” or Gaelstream, where one will find hundreds of songs and stories in Gaelic.

An uair sin, tha sinn a’ dol air ais gu Carolina a Tuath, far an do bhruidhinn Micheal ri Catrìona Parsons nuair a bha i ann airson na clasaichean ann am Beinn Seanar a theagasg. Tha Catrìona a’ bruidhinn air laithean a h-òige, agus mar a bha e dhi fàs suas ann an Leòdhas. Tha seo gu bhith uamhsach inntinneach do mhòran, ‘s cinnteach, agus tha sinn an dòchas gun gabh sibh tlachd anns a’ phrògram seo.

Next, we go back to North Carolina, where Micheal speaks with Catrìona Parsons when she was there to teach classes at Grandfather Mountain. Catriona talks about the days of her youth, and how it was to grow up in Lewis. This should certainly be interesting to lots of people, and we hope that you’ll enjoy this program.

Something to say?