Search

Faodaidh sibh Gaelcast 25 fhaighinn an seo. (Click here to download our 25th program.)

Uill, a chàirdean, seo ar ciad prògram dhe’n bhliadhna ùr air Gaelcast. Sa phrògram seo, tha an triùir againn, Ed Bradshaw, Liam Ó Casaide, agus Micheal MacAoidh, a’ bruidhinn air na smuaintean againn a thaobh Gaelcast, an stuth a chuireas sinn air, agus na rudan a bu mhath leinn cluinntinn bhuaibh. Tha sinn an dòchas gum faigh sibh tòrr a-mach mu’n phod-chraoladh a th’againn, agus gun toir sibh ur beachdan air ais thugainn gus an dean sinn prògraman a bhios a’ còrdadh ruibh nas fheàrr ‘san àm ri teachd. Tha caochladh dòighean ann agaibh airson ur beachdan a chur thugainn, agus na biodh eagal sam bith oirbh an cleachdadh – tha sinn deiseil a bhith cluinntinn bhuaibh!

Well, friends, here’s our first program of the new Gaelcast year. In this program, the three of us, Ed, Liam and Mike, talk about our thoughts for Gaelcast, what we’ll put in it, and the things we’d like to hear from you about. We hope you can find out a lot about our podcast, and that you’ll send us your opinions so we can make programs that you’ll like better in the future. You have many ways to send us your opinion, and don’t be afraid to use them – we’re ready to hear from you!

Tha sinn a’ bruidhinn air a’ Mhòd Nàiseanta Aimeireagaidh anns a’ phrògram seo cuideachd – bha e math math am bliadhna, agus tha sinn am comain Beathag Mhoireasdan a thighinn dha na Stàitean mar bhreitheamh – agus mar charaid. Rinn Beathag obair ionmholta am bliadhna, agus tha sinn gu math fortanach ise a thighinn air ais an ath-bhliadhna. Chuir sinn fàilte cuideachd air Fiona NicCoinnich, a ghlèidh am bonn òr an uiridh aig a’ Mhòd Rioghail ann an Alba. Eadar am Mòd fhèin, agus na ceilidhean a chaidh air adhart ro làimh agus as dèidh, bha tòrr spòrs ann am bliahdna – agus tha sinn an ìre mhath air as dhan àbhaist a-nist!

We talk about the National US Mòd in this program as well – it was really good this year, and we are endebted to Beathag Mhoireasdan coming to the States as our adjudicator – and friend. Beathag did an exemplary job this year, and we are quite fortunate to have her return next year. We also welcomed Fiona MacKenzie, who won the Gold Medal last year in the Royal Mòd. Between the Mòd itself and the ceilidhs that went on before and after, there was a lot of fun to be had this year – and we’re just about recovered now!

Cluinnidh sibh naidheachdan ‘sa phrògram seo cuideachd, mar nach d’rinn sinn naidheachd riamh roimhe. Tha sinn an dùil piosan naidheachd a thoirt dhuibh gach truip a-nist – rudan a tharruing ar n-aire agus a bha inntinneach dhuinn – dè ur beachd? Ma tha naidheachd no beachd sam bith, thoiribh dhuinn iad – bidh sinn an còmhnaidh toilichte am faighinn.

You’ll also hear news in this program, unlike the news we’ve done here before. We intend to give you news in each program now, with things that drew our attention and that were interesting to us – what do you think? If you have any news or opinions, give them to us – we’re always happy to get them.

One Response to “Prògram 25”

Halo, Bha e inntinneach èisteachd mun dòigh-chraolaidh ùr a tha dùil agaibh cur air adhart san àm ri teachd. Bidh mi ag èisteachd an-seo (san Seapain) ri do phrògraim ann an café eadar-lìon. Gu mì-fhortanach, chan eil compiùtair agam fhèin aig an taigh, ach dè ur barailean ma chuireas mi thugaibh CD de 3 òrain a rinn mi-fhèn is caraid ann an Alba an uiridh. Nochd aon dhiubh air Rèidio nan Gàidheal on a bha iad a` craoladh Seo Seinn – farpais ciùil à Steòrnabhagh.
`S mi fhìn a tha a` seinn agus Scott a` cluich air a` ghiotàir, agus gheibh thu blasad dhiubh aig http://www.rcgaelic.co.uk

Ma bhios sibh deònach, an innis sibh dhomh ur seòladh-puist?

Something to say?