Search

Faodaidh sibh Gaelcast 24 fhaighinn an seo. (Click here to download our 24th program.)

Seo a’ cheud ceann-bliadhna aig Gaelcast, agus tha program sònraichte againn, a’ toirt sùil air ais air cuid de na prògramman agus na h-agallamhan a b’ fheàrr leinn.

This is the first anniversary of Gaelcast, and we have a special show looking back at some of the programs and interviews we enjoyed the most.

* Coinneach Mac Iomhair, craoladair aig Radio nan Gaidheal, a bruidhinn air a’ phrogram aige fhèin agus dè ‘n seòrsa prògramman a chòrdadh ris.

What programs that broadcaster Coinneach Mac Iomhair has done that he liked best.

* Iseabail Nic an t-Sagairt — manaidsear aig Morrison Bowmore Distillers Ltd. ann an Ìle — a’ bruidhinn mu dheidhinn buaidh uisge-bheatha air eacanamaidh agus cultar Ìle.

Iseabail Mactaggart on the influence of whisky on the economy and culture of Islay.

* Calum Fearghasdan, craoladair ainmeil agus ùghdar à Leòdhas ag innse dhuinn ciamar a chaidh a’ cheud uair a bha e air an rèidio ann an Glaschu.

Calum Ferguson telling us about his first time on the radio in Glasgow.

* Bill Reese, ceòladair ris a’ chòmhlan-chiùil Chuimreach Moch Pryderi à Fredericksburg, Virginia, a’ bruidhinn mu dheidhinn ceòl Ceilteach.

Musician Bill Reese from Fredericksburg, Virginia, and his views on Celtic music.

* Màiri Sìne Chaimbeul, seinneadar agus tidsear aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ gabhail an òrain “Tha mi sgìth dhen fhogar seo” a rinn Iain Mac Mhurchaidh.

Màiri Sìne Chaimbeul sings a Gaelic song from the time of the American Revolution.

* Gillebride MacIlleMhaoil, seinneadar agus tidsear à Uibhist a Deas a-nise a’ fuireach anns an Spàinn, air ciamar a tha saoghal na Gàidhlig air atharrachadh.

How Gillebride sees the Gaelic world changing thanks to technology and new lifestyles.

* Mona Striewe (Mona NicLeòid), neach-ionnsachaidh na Gàidhlig agus blogadair anns a’ Ghearmailt, air ciamar a tha i ag ionnsachadh na Gàidhlig agus carson.

Mona Striewe (Mona NicLeòid), a Gaelic learner and blogger in Germany, talking about how she learned Gaelic and why.

* Ruairidh MacIlleathain bhon a’ BhBC air a leabhar agus a phrògram fhèin, “Litir do Luchd Ionnsachaidh.”

The BBC’s Ruairidh MacIlleathain on his book and program for Gaelic learners.

* Johnny Beaton à Ceap Breatainn agus a chàirdean a’ gabhail an òrain, “Mo shoraidh leis na cailleagan,” bhon “Guthan Prìseil,” cruinneachadh a rinn Anne Landin.

Cape Bretoner Johnny Beaton and friends singing “Mo shoraidh leis na cailleagan.”

* Anne Landin ag innse dhuinn ciamar a rinn i an cruinneachadh aice.

Anne Landin tells us how she collected Gaelic songs in Cape Breton for her collection “Guthan Prìseil.”

* Beth Benedetto à Virginia air ciamar a dh’ionnsaich agus theagasg i Gàidhlig Èirinn — ann an Gàidhlig agus Gaeilge.

Virginian Irish Gaelic learner and teacher Beth Benedetto — a “bi-Gaelic” interview.

Agus aig an deireadh, òran eile bho Ghillebride MacIlleMhaoil.

And at the end, a song from Gillebride.

Ciad mile taing dhan a h-uile duine a bha ‘gar cuideachadh agus a bha air a’ phrògram còmhla ruinn air feadh na bliadhna. ‘S e sinne a tha fada ‘nur comain.

Many thanks to all who helped us and joined us on the program in the past year — as they say in this part of the world, “we’re much obliged”!

Micheal MacAoidh, Liam Ó Caiside, Ed Bradshaw

2 Responses to “Prògram 24: A’ Tighinn gu Ceann-Bliadhna”

Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil e direach sgoineil gun do chruinich sibh cho moran duine (leis a bheil cho moran fiosrachadh mu dheidhinn na Gaidhlig) bhon iomadh aiteachan. Gu h-aire bhon a Cheap Bhreatainn, far an robh mi fhein direach air mo thilgeil air ais as deidh da sheachdain a’ teagaisg aig a’ Cholaisde na Gaidhlig. Cumaibh suas leis a’ phodcast seo air sgaith ‘s gu bheil e Gaidhlig (agus saoghal na Gaidhlig) ‘ga brosnachadh!

Is mise le meas, agus beannachdan,

Scott A. MacIlleMhoire

Mòran taing, Scott – bha e math a bhith cluinntinn bhuat. Bu chòir dhuinn a bhith bruidhinn mu dheidhinn do thuras fada tuath gu Ceap Breatainn agus ciamar a bha cùisean aig a’ Cholaisde.

‘S truagh nach robh mi ann cuideachd! ‘S toigh leam an t-àite.

Ach tha cothrom ann gun tèid Gaelcast gu Ceap Breatainn am bliadhna fhathast … chì sinn!

Liam

Something to say?