Search

Thàinig tuilleadh na 1,000 aoigh fa leth gu Gaelcast anns an Iuchair — an àireamh as motha a bha againn riamh agus dùbailt am meud a bha againn aig toiseach na bliadhna.

Thug 1,062 neach-cèilidh sùil air na duilleagan agus dh’èisd 207 duine ri Gaelcast 21 agus 136 ri Gaelcast 22.

Anns a’ Ghearran, fhuair Gaelcast 532 aoighean àraid, ach dh’fhàs àireamh nan cèilichean air feadh na bliadhna. Fhuair sinn 793 anns a’ Chèitein agus 914 san Òg-Mhìos.

Chan eil fiosrachadh ri fhaighinn airson an Fhaoillich.

Thàinig an fheadhainn as motha de na h-aoighean às na Stàitean Aonaichte, air an leantainn leis an Rioghachd Aonaichte, Astràilia, Èirinn, an Ollaind, agus Canada.

Tha sinn uile aig Gaelcast toilichte gu bheil àr càraidean agus luchd-èisdeachd a’ sìor-fhàs ann am meud, agus tha sinn an dùil
s an dòchas gun tig sibh uile air ais a chèilidh oirnn. ‘S iomadh prògram agus aoigh a bhitheas againn anns na mìosan ri teachd.

Ma bhios moladh sam bith agaibh, sgrìobhaibh thugainn aig info@gaelcast.com!

A Hundred Thousand Welcomes to Our First Thousand Visitors

More than 1,000 unique visitors visited Gaelcast in July — the largest number yet and double the number at the beginning of the year.

One thousand and sixty-two visitors came to Gaelcast.com and 207 people listened to Gaelcast 21 and 136 to Gaelcast 22.

In February, Gaelcast had 532 unique visitors, but the number of visitors has grown throughout the year. We had 793 in May and 914 in June. Statistics are not available for January.

The majority of the visitors came from the United States, followed by the United Kingdom, Australia, Ireland, the Netherlands and Canada.

We are delighted our audience is growing, and we hope that you will come back to visit us often. We’ll have many more programs and guests in the months to come.

If you have any suggestions, write to us at info@gaelcast.com!

One Response to “Ceud Mìle Fàilte dhan Chiad Mhìle Aoigh”

Meal ur naidheachd, a Ghaelcast! Guma fada a mhaireas!

Something to say?