Search

Faodaidh sibh Gaelcast 22 fhaighinn an seo. (Click here to download our 22nd program.)

Tha sinn, an turas seo air Gaelcast, a’ bruidhinn air iomadach rud – tuiltean, ceòl, cànain, agus Mòdan! Tha Liam agus Mìcheal a-mach an toiseach air stoirmean an t-Samhraidh a thàinig a-steach oirnn o chionn beagan seachdainean, agus an trioblaid a dh’aobhraich sin do tòrr dhaoine air taobh an ear nan Stàitean. Chaidh fiù ‘s Ed Bradshaw fhèin a ghlacadh leis na tuiltean!

This time on Gaelcast, we talk about many subjects – floods, music, language, and Mòds! Liam and Mike talk about the storms that came to the East side of the States a few weeks back, and the troubles they caused for many people here. Even Ed got stuck in the floods!

An uair sin, tha Laim a’ bruidhinn ri Lois Kuter, a tha an sàs ann a bhith feuchainn ri taic agus cuideachadh a thoirt dhaibh a tha cumail cànan a’ Bhreatuinn Bhig a’ dol. Gu mi-fhortanach, chan eil an dùthaich far a bheil an cànan sin suidhichte, an Fhrang, taiceil idir dhan mhin-chànan sin, agus tha e doirbh rudan mar clasaichean agus sgoiltean a’ cumail a’ dol an sin. A bheil sin a’ toirt rud sam bith nur cuimhne?

Next, Liam speaks with Lois Kuter, who is involved in supporting and helping those who are trying to keep the Breton language going. Unfortunately, the country where this language exists – France – is not supportive at all to minority languages, and it’s difficult to set up classes and schools for the language – remind you of anywhere?

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Brezhoneg agus an ICDBL, rachaibh gu http://www.breizh.net/icdbl/saozg/

For more information on Breton and the ICDBL, go to http://www.breizh.net/icdbl/saozg/

An uair sin, tha sinn a’ dol gu Ohio far an do choinnich Micheal ri Donnie Murdo MacLeòid – chan e gu bheil e a’ fuireach ann, ach bha e ann mar bhreitheamh dhan Mhòd ann an Ohio, a tha tachairt a h-uile bliadhna aig an àm seo. Tha Donnie a’ bruidhinn air mar a bha e mar bhalach a’ fuireach sa bhaile mhòr, mar a chaidh a thogail le ceòl mu’n cuairt dha, agus mar a thòisich e – agus mar a chaidh e air adhart a-rithist – leis an t-seinn – agus mar a shoirbhich leis le sin!

Then, we go to Ohio where Mike met with Donnie Murdo MacLeòid – not that Donnie lives in Ohio, but he was there as the adjudicator for the Ohio Mòd, which happens this same time there every year. Donnie speaks of how it was as a boy growing up in the city, how he was raised with music about him all the time, and how he began – and began again – with singing, and how he was so successful with his singing.

Tha sinn an dòchas gun còrd am prògram seo ruibh, agus tha sinn an dòchas gun cum sibh a-mach à tuiltean – agus an teas!

We hope you like this program, and we hope that you can manage to keep out of floods – and the heat!

Something to say?