Search

Faodaidh sibh Gaelcast 20 fhaighinn an seo. (Click here to download our 20th program.)

Anns an fhicheadamh prògram aig Gaelcast, bidh sinn a’ coimhead air inimreachas mi-laghal — cuspair gu math conspaideach anns na Stàitean Aonaichte an dràsta.

In the twentieth Gaelcast, we’ll look at illegal immigration — a very controversial topic in the United States right now.

Tha barrachd air 350,000 duine a’ tighinn dha na Stàitean gu mi-laghal a h-uile bliadhna, a-rèir an U.S. Immigration and Naturalization Service. Thathar ag ràdh gu bheil suas ri 12 millean duine anns na Staitean gu mi-laghal — agus cha b’ ann ach 3.5 millean ann an 1990. D’fhaodadh iad a bhith tighinn bho gach dùthaich air an t-saoghal, ach tha an cuid as motha dhiubh a’ tighinn à Mexico agus dùthchannan gu deas mar El Salvador agus Guatemala.

More than 350,000 people enter the United States illegally each year, according to the U.S. Immigration and Naturalization Service. It’s said that there are 12 million people living in the United States illegally — and there were only 3.5 million in 1990. They come from every country in the world, but the greter share of them come from Mexico and countries to the south such as El Salvador and Guatemala.

Bruidhnidh sinn ri Muriel Fisher — às an Eilean Sgìtheanach ach a-nise a’ fuireach ann an Arizona, faisg air crìochan nan Stàitean Aonaichte agus Mexico — mu dheidhinn ciamar a tha cùisean air na crìochan agus dè bhios daoine anns an iar mu deas de na Stàitean a’ fearachdainn mu dheidhinn na h-inimrichean mi-laghal agus an deasbad seo.

We’ll talk with Muriel Fisher — from the Isle of Skye but now living in Arizona, close to the border of the United States and Mexico — about how things are on the border and what people are thinking in the American Southwest about the illegal immigrants and this debate.

Tha dà bhile a’ dèileagadh le inimreachas ann an Congress a-nise — aon dhiubh ann an Taigh nan Riochdairean agus an tè eile anns an Seanadh. Bu chòir dhaibh a’ toiseachadh air feuchainn ri tighinn gu aonta am mìos seo. Ach an tig iad gu aonta uair air bith, agus na bilean cho tur eadar-dhealaichte?

There are two bills dealing with immigration in Congress — one in the House of Representatives and one in the Senate. They should begin working on a compromise bill this month. But will they ever reach agreement when the bills are so radically different?

Something to say?