Search

Faodaidh sibh Gaelcast #16 fhaighinn an seo. (Click here to download our sixteenth program.)

Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ cèilidh air Beathag Mhoireasdan a rugadh ‘s a thogadh ann an Ùig air Eilean Leòdhais. Tha sinn a’ bruidhinn air mar a tha beatha nuair a bha i òg, na h-obraichean a bh’aig a’ chloinn ri deanamh gach latha, an diofar eadar beatha obrach na cloinn nighinn seach na balaich, agus na bh’aca airson cur-seachadan nuair nach robh iad ag obair.

Cuimhnichibh cuideachd gum bi Beathag anns na Stàitean ‘s t-Fhoghair mar bhreitheamh aig a’ Mhòd ACGA agus, ma tha comas agaibh a thighinn gu Ligoneir, PA, gheibh sibh cothrom bruidhinn rithe cuideachd! Tha fadachd oirnn a tha gu minic a’ dol dhan Mhòd Beathag fhaicinn an uair sin, agus ‘s cinnteach gum bi spòrs agus cur-seachadan a’ dol an aghaidh an uair sin!

Program 16 is coming soon! In this program we visit Beathag Mhoireasdan who was born and raised in Ùig on the Isle of Lewis. We talk about life when she was young, what work was expected of the children each day, the difference between what girls versus boys were expected to do for work, and what they did for fun.

Also remember that Beathag will be here in the Fall as our adjudicator for the ACGA Mòd, and if you can make it to Ligoneir, PA, you’ll get a chance to speak with her as well! We can’t wait till we see Beathag then, and you can bet there will be fun at the Mòd!

Tha Liam, anns an darna phàirt dhe’n phrògram, a’ dol gu deuchainn – ach chan e seòrsa deuchainn a th’ann a chuireadh eagal air! ‘S ann air blasad uisge bheatha a bha an deuchainn a bha seo, agus bha Liam “d is d” sin a dheanamh. Tha e a’ bruidhinn ri muinntir Famous Grouse (A’ Chearc-fhraoich Ainmeil?) mu dhà sheòrsa uisge bheatha ùir a th’air tighinn a-mach. Obair chruaidh gun teagamh, ach feumaidh cuideigin ga deanamh, agus ‘s e Liam an duine a nì sin! Gheibh sinn a-mach ciamar a chaidh leis. Gheibh sibh sin agus còmhradh is ceòl anns an ath-phrògram.

Liam, in the second part of the program, goes to a test of sorts, but not the sort that would make him anxious at all! This is to taste-test whisky, and Liam is “deònach is deiseil” to do it. He talks with the folks from the Famous Grouse about two new kinds of whisky that have come out. It’s a tough job, but someone has to do it, and Liam is just the guy for it! Find out how it goes with him. You’ll get this and more in the next program.

2 Responses to “Prògram 16”

Hi Chrìsdean,

‘S math cluinntinn bhuat! Tha deagh “taste” agad ann an uisge-beatha co-dhiù. Cha chreid mi gu deanadh Liam gearan sam bith nan robh a leithid ga chur air a bheulaibh!

We estimate that we have about 200+ regular listeners, and we’re always trying to find ways to encourage more! Please keep writing in, and listen to #17 – you’ll sonn have a chance to talk to us on the show!

Beannachdan
Micheal

Hallo Chrisdean agus Micheal:

‘S fheàrr leam uisge-beatha ÃŒleach – gu h-àraidh Bogha Mòr, Laphroaig, Lag a’ Mhuilinn agus Àrd Beag. Ach cha dhiùltainn Aberlour idir!

Liam

Something to say?