Search

Faodaidh sibh Gaelcast #15 fhaighinn an seo. (Click here to download our fifteenth program.)

Tha sinn air ais ’sa phrogram seo, le ceòl ùr, agus cuspair a tha gu math inntinneach, gu h-àraid ma tha thu dèidheil air ceòl Gàidhlig a tha tighinn à Alba Nuadh! Tha sinn a’ bruidhinn ri Annag Landin air an obair a tha i a’ dèanamh le bhith a’ cur seann tèipichean air CD – tèipichean a fhuair i bho dhaoine air feadh Ceap Breatainn, le òrain is seanchas is eile. Tha Annag a’ feuchainn ris na tha air na tèipichean a ghlèidheadh gus am bi a h-uile sian againn anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

We’re back, with new music, and with a very interesting subject, especially if you like Nova Scotia Gaelic music! We talk to Anne Landin about the work she is undertaking to transfer old tapes that she got from around Nova Scotia to CD, to preserve them. These tapes contain song, traditions and lots of other treasures, and she’s trying to preserve it so we will have it in the future.

Agus air a’ phrogram, cluinnidh sinn tri òrain bho’n t-saothair aig Annag, air an seinn le Annie MacLean (Bean Jack Pheadair), Mary Margaret MacLean agus Eoghann Mac Eardsaidh Sheumais MacCoinnich (Hugh MacKenzie). Ged nach eil iad còmhla ruinn an-diugh, tha an òrain beò a-rithist. Seallaibh anns an “tasglann” againn airson na faclan.

We’ll also hear three of the songs on the program, sung by Annie MacLean, Mary Margaret MacLean and Hugh MacKenzie. Although they’re no longer with us, their songs live again. Check our “archive” for the lyrics.

Tha Annag ag obair air leabhar agus clàr-daingeann (CD) le fichead òran às a cruinneachadh – “Guthan Prìseil” – agus thèid a dh’fhoillseachadh a dh’aithghearr le taic-airgid bho’n Celtic Music Interpretive Centre ann an Siudaig, Ceap Breatainn.

Seo an làrach-lìn aca: http://www.celticmusicsite.com/

Anne is working on a book and compact disk with twenty songs from her collection – “Guthan Prìseil (Precious Voices)” – and it will be published soon with help from the Celtic Music Interpretive Center in Judique, Cape Breton.

Here’s their Web site: http://www.celticmusicsite.com/

Agus, le sin agus beagan chabadaich eadar Mìcheal is Liam, sin agaibh prògram 15 – agus tha sinn an dòchas gun toir seo toileachas dhuibh!

And, with that and some chatting between Mike and Liam, that’s Program 15, and we hope it brings a smile to your faces!

Something to say?