Search

Faodaidh sibh Gaelcast #12 fhaighinn an seo. (Click here to download our twelfth program.)

Tha sinn air dusan prògram a chur a-mach a-nist – agus mòran taing airson èisdeachd agus sgrìobhadh thugainn! Tha sinn a’ bruidhinn an turas seo mu dheidhinn fìor sheann leabhraichean agus leabhraichean ‘sa Gàidhlig nach eil cho sean sin ach a tha ‘s dòcha duilich fhaotainn, gu h-àraid bhos a seo a’s na Stàitean, agus mar a dh’fhaodadh sibh faighinn grèim orra. Tha sinn a’ bruidhuinn ri Dòmhnall MacCormaig a tha air ionmhas mòr de leabhraichean a thional thar nam bliadhna – a tha a-nist anns an leabharlann Sabhal Mòr Ostaig. Ciamar a fhuair e na seann leabhraichean? Dè an dòigh as fheàrr dhuibh a bhith faighinn leabhar a tha sibh ag iarraidh? ‘S dòcha gum faigh sibh comhairle mar sin ‘sa chiad phàirt dhe’n phrògram.

We’ve now sent out a dozen programs on Gaelcast – many thanks to those who have listened to us and who have written in! This time, we talk about truly old books and Gaelic books not quite as old which are still hard to find, especially for us in the States, and how you might be able to get them. We speak with Donald McCormack who has gathered a huge treasure of old books over the years, which is now in the library of Sabhal Mòr Ostaig, the Gaelic college on Skye. How did he do it? How might you yourselves get ahold of old books that you want? You may find some good advice in the first part of our program.

An uair sin, tha sinn a’ bruidhinn ri Màrtainn Mac an t-Saoir mu dheidhinn sgeulachdan, agus mar a tha Tobar an Dualchais gu bhith, ann am beagan bliadhnaichean, a’ fosgladh le mìltean de dh’uairean de chlàraidhean air iomadach cuspair – iomhas dhà-rìribh de dhualchas nan Gàidheal. Tha sinn an dòchas gum faigh sinn seulachdan gu leòr ann, am measg òrain, ceòl, agus tòrr rudan luachmhor eile!

Then we talk with Martin MacIntyre about stories and about how Tobar an Dualchais is to open in a few years, with thousands of hours of recordings of many subjects – a true treasure-trove of Gaelic heritage. We hope to find many stories in the “well”, as well as songs, music, and many other valuable items!

6 Responses to “Prògram 12”

Halo, Cò às a tha Dòmhnall MacCormaig? Bha blas aige nach b`aithne dhomh.

Chan eil mi cinnteach, Steaphain. ‘S inntinneach a bha e, nach robh? Faighnichidh mi do Mhicheal cò dha bhuinneas Dòmhnall.

Liam

Sgoinneil! Tapadh leibhse airson prògram eile inntinneach 🙂
Tha mise nam shealgair leabhraichean cuideachd agus bidh mi mun cuairt nam bùithean ann an Glaschu is Dùn Èideann a-rithist ‘sa Mhàirt.
Is toigh leam abebooks cuideachd, ach chan eil credit card agam gu mi-fhortanach is mar sin chan urrainn dhomh ceannachd bho mòran dhe na bùithean anns na Stàitean Aonaichte.
Mona

Mona,

‘S math cluinntinn bhuat a-rithist! Tha fhios gu bheil torr dhaoine a’ feuchainn ri lorg fhaighinn air leabhraichean Gaidhlig, ‘s chan eil e furasda. Tha e duilich cuideachd nach urrainn dhut leabhraichean a cheannach bhos a seo gun chairt creideis – ach tha thu caran fortanach gu bheil thu a’ dol gu Alba nas fhasa na sinne, agus gum faod thu, ‘s docha, a bhith faisg air barrachd leabhraichean ann a sin. Ach chan eil e furasda, cuid dhe na leabhraichean fhaighinn ge bri cait a bheil thu! Tha sinn an dochas gun innis thu dhuinn mar a chaidh leat as deidh dhut tilleadh air ais bho Alba an ath-thuras.

Beannachdan
Micheal

Oh, agus airson freagairt na ceist aig Steaphan, tha Dòmhnall MacCormaig à Uibhist a Tuath agus Dùn Èideann, ma tha thu a’ coimhead air fiosrachadh mu’n chruinneachadh aige a tha nist anns an t-Sabhal Mòr Ostaig: http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/leabharlann/cruinneachaidhean/sonraichte.php

Micheal

Taing airson freagairt na ceist, a Mhicheil. Thug mi fa-near gu robh blas na Galltachd air a` Ghaidhlig, cha bu mhotha a bha am blas sin a` tighinn am barr sa chomhradh aige ach uair no dha, `s mar sin cha robh mi cinnteach.

Something to say?