Search

Faodaidh sibh Gaelcast #11 fhaighinn an seo. (Click here to download our eleventh program.)

Tha buaidh mhòr air a bhith aig bàrdachd air cultar nan Gaidheal bho linn crochadh nan coin, buaidh nas motha, is dòcha, na tha aig bàrdachd ann am Beurla agus iomadh cànan eile. ’Sa phrògram seo, bruidhnidh sinn ri bard às an Eilean Sgìtheanach, Aonghas Dubh MacNeacail mu dheidhinn bàrdachd ann an Alba agus thall thairis.

Poetry plays a large role in Gaelic culture, larger in many ways than it does in many other cultures today. In this program, Gaelcast interviews Skye bàrd Aonghus Dubh MacNeacail and discusses Gaelic poetry in Scotland and abroad.

’S mòr an ceangal eadar bàrdachd agus òran Gàidhlig cuideachd, agus bruidhnidh sinn ri seinneadair à Uibhist à Deas a bhios gu math eòlach air bàrdachd agus bàird, Pòl MacCaluim. Aig deireadh a’ phrògram, cluinnidh sinn Pòl a’ seinn “Taigh a’ Bhàird,” duanag a rinn am bard Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill à Uibhist à Deas.

There’s a strong connection between Gaelic poetry and song as well, and we’ll talk with South Uist Gaelic singer Pòl MacCaluim and finish, appropriately, with his rendition of “Taigh a’ Bhàird” (“The Bard’s House”) by South Uibhist poet Dòmhnaill Iain MacDhòmhnaill.

3 Responses to “Prògram 11”

A Mhìcheil ‘s a Liam,
tha mi cho toilichte, tapadh leibh airson a’ phrògram inntinneach seo le Aonghas MacNeacail. Dh’ èisd mi ri còmhradh aige còmhla ri Ruaraidh MacThòmais air Radio nan Gaidheal an seachdain ‘sa chaidh agus chòrd sin rium gu mòr, agus an-diugh dh’ èisd mi ris agaibh a-rithist.
Is toigh leam a bhàrdachd, cuiridh e beachdan inntinneach thugam… Tha ùidh agam ann am bàrdachd co-dhiù, is toigh leam na seann bhàird Gàidhlig, ach b’ e na dàin aig Aonghas MacNeacail (agus Kevin MacNeil) a chur misneachd dhomh fhìn feuchainn ri bàrdachd Gàidhlig a sgrìobhadh cuideachd 🙂
Mona

Hi Mona,

‘S math cluinntinn bhuat a-rithist! Tha thu ceart, ‘s e rud uamhasach math a th’ann am bàrdachd, agus nach math a bhith cluinntinn nach do thòisich Aonghas sgrìobhadh bàrdachd an toiseach, ach gun d’fhuair e crùn bàrdachd a’ Chomainn aig a cheann thall! Nach eil sin a’ toirt misneachd dhuinn gum faod sinne a bhith soirbheachail ann am bàrdachd ged a tha sinn a’ tòiseachadh caran anmoch.
An robh tu fhèin riamh air bàrdachd a sgrìobhadh? Tha thu ag ràdh gu bheil thu a’ faighinn misneachd, ach an deach e cho fada ‘s gun do sgrìobh thu rudeigin?

Mìcheal

oh, sgrìobh mi beagan gu dearbh, ach chan eil mi cinnteach a bheil e cho math 🙂 mas math mo chuimhne chuir mi dàn no dhà anns a’ bhlog agam…
sgrìobh mi mòran bhàrdachd ‘sa ghearmailtis is beurla nuair a bha mi nas òige, agus ghabh mi pàirt ann an co-fharpaisean bàrdachd ‘san sgoil agam cuideachd. rinn mi fiù ‘s leabhar beag le dàin no rannan agus chuir mi do charaidean e. ach nuair a bhitheas mi a’ coimhead air a-rithist na laithean seo, cha toigh leam e cho math 😉

Something to say?