Search

Faodaidh sibh Gaelcast #10 fhaighinn an seo. (Click here to download our tenth program.)

Tha sinn a’ bruidhinn air leabhraichean an turas seo air Gaelcast, agus mu dheidhinn iomart a tha dol air adhart ann an Alba – ‘s dòcha nach cuala sibh mu dheidhinn Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, agus an obair mhath a tha iad a’ deanamh a thaobh leabhraichean ùr a chruthachadh. Tha sinn a’ bruidhinn ri Dòmhnall Iain MacRisnidh mu dheidhinn mar a tha an Stòrlann ag obair, an seòrsa de leabhraichean a gheibhear ann, agus mar a gheibh sibh ann an tobha riutha. Ma tha leabhraichean a’ còrdadh riubh, sin an t-àite! Agus tha an Stòrlann a’ toirt leabhraichean cuideachd a-mach dhan bhùthan mar Shìol Cultural Enterprises agus Comhairle nan Leabhraichean, ‘s mar sin, chan eil leisgeul sam bith agaibh nach eil fhios agaibh càit an teìd sibh airson leabhraichean anns a’ Gàidhlig!

We’re talking about books this time on Gaelcast, and about an enterprise that is going on in Scotland – perhaps you’ve not heard of Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, and the excellent work that they are doing to make new books. We talk to Donald John MacRitchie about how the Stòrlann works, the kinds of books that can be gotten from it, and how to contact them. If you like books, that’s the place. Also, the Stòrlann sends books to Sìol Cultural Enterprises and the Gaelic Books Council, so you have no excuse not to know where to go for Gaelic books!

An uair sin, tha sinn a’ toirt sùil air leabhar ùr a thàinig a-mach aig àm a’ Mhòid mu dheidhinn seanfhaclan agus seanchas, air a bheil – seadh – Seanfhacail is Seanachas! Tha sinn a’ bruidhinn ri Iain MacIlleathain agus Maletta NicPhàil mu dheidhinn na bha fa near dhaibh ann a bhith a’ sgrìobhadh an leabhair, agus mar a fhuair iad an stuth inntinneach beartach a tha taobh a-staigh an leabhair. ‘S t-fiach a bhith ag èisdeachd riutha, agus ‘s t-fhiach an leabhar a cheannachd!

Then, we look at a new book that came out at the time of the Mòd, about expressions and oral traditions, called, of course, Seanfhacail is Seanachas. We talk to Iain MacIlleathain agus Maletta NicPhàil about what they had in mind when writing the book, and how they got the interesting and rich material that is in the book. It’s worth listening to, and it’s worth it to buy the book!

Something to say?