’S mòr am buaidh a tha aig Shakespeare gus an latha an-diugh air an dòigh anns a’ bhiodh sinn a’ coimheadaibh air eachdraidh agus gu h-àraidh air duine sònraichte ann an eachdraidh na h-Alba, an rìgh Mac Bheatha. Tha sinn uile eòlach air an dealbh-chluich a sgrìobh Shakespeare agus an naidheachd a thug e dhuinn – ciamar a mhortadh MacBheatha an t-seann rìgh, Donnachadh, ri cealgaireachd.
Deagh-sgeul, ach cha b’ e sin an fhìrinn.
Tha fhios againn an-diugh nach b’e ain-tighearna neo sglaimir a bh’ ann. Cha do ghoid MacBheatha an crùn anns an dòigh a bha Shakespeare agus sgrìobhadairean Gallda a’ creidsinn na ceudan bliadhna as a dheaghaidh.
Cha robh an rìgh Donnachadh na bhodach nuair a chaidh a mharbhadh, ann an cath, is dòcha, a’ sabaid ann aghaidh MacBheatha. A-rèir an siostam politeagach aca aig an àm, bha ceart aig MacBheatha air a’ chrùn cuideachd.
Ach aig deireadh an naoidheimh linn deug, sgrìobh Ionatan MacFhionghain an naidheachd a leanas anns a’ phàipeir aige, Mac-Talla. Chì sibh dè cho làidir a bha buaidh Shakespeare air an naidheachd aige mu dheidhinn MacBheatha.
Mac Bheatha, Righ na h-Alba
Tha e air a ràdh gu’n d’fhuair Mac Beatha Crùn na h-Alba troimh mortadh Rìgh Donachadh ’sa bhliadhna 1039 aig Both-nan-gobhain faisg air Eiliginn. Dh’fheuch e le riaghladh firinneach agus ceart a dhèanamh suas air son an droch obair a rinn e fhaotainn greim air a’ chrùn. Thug e duaisean airgiod do Roimh, agus fearannan farsuing do’n eaglais, agus duaisean lìonmhor do’n bhochd, ach tha e coltach nach d’rinn iad seo uile feum “fois a thoirt dha bho na bruadaran oillteil a bha a’ cur dragh air gach oidhche.” Ged a thug e seachad uiread do’n t-sluaigh, cha d’fhuair e mòran cuideachadh bho’n chlèir, ni mò an d’thug an sluagh fois dha. Cha do chord an doigh a ghabh e greim air an righ-chaithir riu riamh, agus dh’fhàs e nis ain-tighearnail mar a bha e smuainteachadh gu’n robh a chumhachd dol am mòid. Rinn e nàmhaid làidir dha fhein ann Macdubhaich, Fiofa, leis a’ chreachadh a rinn e air, agus theich am morair sin le daoine mòra eile gu Calum a’ chin mhòir, mac Dhonachaidh, a bha an deigh teicheadh gu Cumberland, agus chomhairlich e an righ-chaithir a ghabhail. Chaidh Suaird Iarla Northumberland agus a mhac Osbert gu Albainn còmhla ri Calum ’sa bhliadhna 1054. An deigh dian chogaidh anns an deach Osbert a mharbhadh chaidh an ruaig an deigh Mac Beatha gu Lumphanan an siorrachd Abareadhain far an robh e air a mharbhadh le Macdubhaich an 1054 an deigh rioghachadh còig bliadhna deug.
— Mac-Talla, Desember 29, 1899.

Thanks for taking the time to talk over this, I find powerfully about it and enjoy instructing more on this matter. If possible, as you arrive at expertness, would you mind updating your web log with more entropy? It is highly helpful for me.
Left by Pink Dresses for Women on March 3rd, 2011