Search

Archive for the 'News' Category

Prògramman Ùra — New Programs

Posted by liam on September 20th, 2009

As deaghaidh uair a bha ro-fhada, agus sinne ro-thrang ag obair agus ag ionnsachadh, bidh sgioba Gaelcast a’ tighinn air ais a dh’aithghearr le sreath ùr de phrògramman ann an nòs ùr. “Bhideo” a bhi ann, agus gheibhear filmichean agus podcraolaidhean agus dealbhan agus sgrìobhadh air an làrach-lìn againn. After a long, work and school-enforced […]

Michael Russell: Ministear Ùr na Gàidhlig

Posted by liam on February 11th, 2009

Tha ministear ùr os cionn na Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba — Michael Russell. Chaill Linda Fabiani a h-àite mar mhinistear a’ chultair, agus dh’fhalbh i an riaghaltas. There is a new minister for Gaelic in the Scottish government — Michael Russell. Linda Fabiani lost her post as minister for culture, and left the […]

Obama: An e Leòdhasach a th’ann?

Posted by liam on February 5th, 2009

Tha fhios aig a h-uile duine gun tàinig athair Bharack Obama à Kenya, agus a mhàthair à Kansas, ach an robh fhios agaibh gur e Leòdhasach a th’ann? Mura chreid sibh sin, leughaibh an naidheachd an seo. Cha tàinig a shinnsearan fhèin às na h-Eileanan ach phòs tè a bha càirdeach riutha fear-Leòdhasach — Moireasdanach […]

Ceann-Suidhe Nuadh, Toiseachadh Ùr?

Posted by liam on January 24th, 2009

Dealbh le Beth Rankin (Flickr) Thàinig an latha a bha feadhainn a’ fantainn ris o chionn fhada — tha ceann-suidhe ùr againn anns na Stàitean Aonaichte. Tha Barack Obama anns an Taigh Geal, agus chaidh Seòras Bush air ais gu Texas. Tha John McCain fhathast anns an t-Seanadh, far am bi e gu math cuideachail, […]

Gaelcast TV: Gillebride aig Latha na Gàidhlig

Posted by liam on July 9th, 2008

Chaidh sinn gu Latha na Gàidhlig ann an Alexandria, Va., faisg air Washington agus thachair sinn ri Gillebride Mac ‘Ille Mhaoil, an t-seinneadar à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas. Thàinig Gillebride a-null air turas mu thimcheall na Stàitean – bha e ann an Ohio far an deach e gu Mòd nan Lochan Mòra, […]

Mòd 2: Mac-Talla & Friends

Posted by liam on September 14th, 2007

Seo dhuibh còmhlan ciùil eile a’ seinn aig a’ Mhòd ann an Ligonier. Mac-Talla & Friends a th’ annta, agus b’e Seònag NicUilleam Weiss gan stiùireadh. Sheinn na mnathan “Dh’èirich Mi Moch Madainn Chèitean” leotha fhèin, agus as deaghaidh sin, “Mo Rùn, Mo Nighean Donn Bhòidheach” còmhla ri Liam. Fhuair iad an dàrna àite anns […]