Search

Archive for the 'podcasts' Category

Gaelcast ann an Ottawa aig Mòd Canada

Posted by liam on November 25th, 2009

Chaidh sgioba Gaelcast gu Ottawa, prìomh-bhaile Canada, airson a’ chiad mhòd naiseanta riamh a chaidh a stèidheachadh anns an dùthaich. Abair gun do chòrd a h-uile sian rinn – bhruidhinn sinn mu dheidhinn a’ mhòid anns a’ bhideo seo, agus tha dealbhan ri fhaotainn air Facebook. Thig podcraoladh a-mach ann an ùine ghoirid. The Gaelcast […]

Ag Ionnsachadh Gàidhlig – comhairle mhath do phàrantan.

Posted by micheal on November 13th, 2009

Tha Fionnlagh MacLeòid, a thòisich CNSA agus Taic, a’ tighinn a-mach le comhairle mhath do phàrantan – ionnsaichibh Gàidhlig mus tòisich sibh teaghlach. Tha goireasan aige cuideachd a tha e a’ tabhainn airson sin a thoirt gu buil. Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh post-dealain thuca:Duilleag-dhachaidh Taic Gheibh sibh an rud a sgrìobh Fionnlagh agus D. Farber, […]

Tasgaidh na h-Alba?

Posted by micheal on November 6th, 2009

Seo beachd Mhìcheil, an àite naidheachd no fiosrachadh, mu cheist a nochd o chionn ghoirid. ‘S i a’ cheist, “Carson a tha riaghaltas na h-Alba a’ cosg airgead mhòr do’n t-sianal Gàidhlig, agus do’n Ghàidhlig co-dhiù, nuair nach eil ann ach glè bheag de dhaoine a tha ga bruidhinn?” Uill, dè tha a’ Ghàidhlig a’ […]

HNVI agus Gainnead Vaccine ann an Bhirginia

Posted by liam on October 27th, 2009

A bheil sibhse fo iomghain mu H1N1? Tha sinn uile an dòchas gum bi sinn deiseil ma thig e, ach chan eil a h-uile h-àite deiseil an dràsda — ann an Bhirginia, tha gainnead de “vaccine” ann – dè tha sin a’ ciallachadh? Seo Micheal Mac Aoidh, ag aithris air YouTube agus Gaelcast FB (Facebook). […]

Gaelcast air Facebook: Gaelcast on Facebook

Posted by liam on October 15th, 2009

Gheibhear cothrom bhruidhinn ri Gaelcast agus criomagan de naidheachd fhaighinn bhuainn air Facebook a-nise. Rannsaichibh airson “Gaelcast” air Facebook agus gheibheadh sibh ar duilleagan! Ma ‘s e neach-leanmhainn de Ghaelcast a th’annad, b’urrainn dhut sgrìobhadh thugainn agus còmhradh a thogail troimh Facebook cuideachd – deagh-chothrom a bhith pàirteach ann an Gaelcast agus na prògramman agus […]

Prògramman Ùra — New Programs

Posted by liam on September 20th, 2009

As deaghaidh uair a bha ro-fhada, agus sinne ro-thrang ag obair agus ag ionnsachadh, bidh sgioba Gaelcast a’ tighinn air ais a dh’aithghearr le sreath ùr de phrògramman ann an nòs ùr. “Bhideo” a bhi ann, agus gheibhear filmichean agus podcraolaidhean agus dealbhan agus sgrìobhadh air an làrach-lìn againn. After a long, work and school-enforced […]