Micheal agus Hige-Haige
Posted by liam on December 14th, 2009Tha Micheal a-nise ag innseadh naidheachd dhuinn - naidheachd mu Hige-Haige … seo a’ cheud phàirt.
Tha Micheal a-nise ag innseadh naidheachd dhuinn - naidheachd mu Hige-Haige … seo a’ cheud phàirt.
Tha sinn aig Gaelcast gu math dèidheil air sgeulachdan, agus tha sinn a’ creidsinn gu bheil naidheachdan agus beul-aithris anabarrach cudthromach ann an cultar nan Gàidheal, agus culturan eile. Seo sgeul a chaidh a chlàradh ri taobh a’ ghealbhain ann an taigh Liam.
We at Gaelcast are very fond of traditional stories and storytelling, and we believe folktales and folklore are highly important in Gaelic culture, and other cultures. Here’s a story recorded by the hearth at Liam’s house. The fire is electric, the cat is real.
Chaidh sgioba Gaelcast gu Ottawa, prìomh-bhaile Canada, airson a’ chiad mhòd naiseanta riamh a chaidh a stèidheachadh anns an dùthaich. Abair gun do chòrd a h-uile sian rinn - bhruidhinn sinn mu dheidhinn a’ mhòid anns a’ bhideo seo, agus tha dealbhan ri fhaotainn air Facebook. Thig podcraoladh a-mach ann an ùine ghoirid.
The Gaelcast team went to Ottawa, Canada’s capital, for the first national mòd in that country. We had a great time — we talk about the mòd in this video, and photos are available on Facebook. A podcast will follow shortly.
Tha Fionnlagh MacLeòid, a thòisich CNSA agus Taic, a’ tighinn a-mach le comhairle mhath do phàrantan - ionnsaichibh Gàidhlig mus tòisich sibh teaghlach. Tha goireasan aige cuideachd a tha e a’ tabhainn airson sin a thoirt gu buil. Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh post-dealain thuca:Duilleag-dhachaidh Taic
Gheibh sibh an rud a sgrìobh Fionnlagh agus D. Farber, a tha a’ toirt iomradh air a h-uile sian, ann a seo: Ag ionnsachadh Gàidhlig mus rugadh leanabh
Seo beachd Mhìcheil, an àite naidheachd no fiosrachadh, mu cheist a nochd o chionn ghoirid. ‘S i a’ cheist, “Carson a tha riaghaltas na h-Alba a’ cosg airgead mhòr do’n t-sianal Gàidhlig, agus do’n Ghàidhlig co-dhiù, nuair nach eil ann ach glè bheag de dhaoine a tha ga bruidhinn?” Uill, dè tha a’ Ghàidhlig a’ ciallach…adh do dh’Alba, agus dè a bu chòir dhi ciallachadh? Gheibh thu smuaintean Mhìcheil aig a’ phìos a tha shuas air YouTube.
A bheil sibhse fo iomghain mu H1N1? Tha sinn uile an dòchas gum bi sinn deiseil ma thig e, ach chan eil a h-uile h-àite deiseil an dràsda — ann an Bhirginia, tha gainnead de “vaccine” ann - dè tha sin a’ ciallachadh? Seo Micheal Mac Aoidh, ag aithris air YouTube agus Gaelcast FB (Facebook).
Are you worried about H1N1? We all hope we’ll be ready if it comes, but not every place is ready now — in Virginia, there is a shortage of vaccine — what does that mean? Here’s Micheal Mac Aoidh, reporting on YouTube and Gaelcast FB (Facebook).